Seall na dh'ionnsaich sinn 's a rinn sinn sa sgoil!
2024-2025
An t-Ògmhios| June 2025
Turas dhan allotment. Fhuair C1/2 cuireadh dha na allotments bho Ms Paterson. Abair turas a bh’ ann agus bha spòrs gu leòr againn! ‘S iad a bha trang a’ cur flùraichean de dhiofair seòrsa, crèamh-gàrraidh, coirce milis, currain agus peasairean. Feumaidh sinn tilleadh agus sùil a chumail air ghnothaichean!
Abair gun robh clas 5 trang a' togail mhodailean còmhla.
Latha breàgha airson na dealain-dè againn a' leigeil ma sgaoil. Saoil càit' an tèid iad?
Bha an sgioba againn soirbheachail aig an iomain a-nochd is thog iad Cupa Tongadale.
An Ceitean| May 2025
Meal a naidheachd air na cluicheadairean againn a ghabh pairt ann an Fèis Hocaidh na Gàidhealtachd! Rinn an dà sgioba cho math!
Thàinig feadhainn à SA 4 shuas gu clas 1 feasgar an-diugh agus abair spòrs a bh’ againn còmhla! Beagan cluiche agus fealla-dhà!
Abair spòrs a bh’ aig clas 1 aig Hùb-Hàb!
Tha na stiùirichean didseatach againn ann an clas 4 air a bhith ag obair air na Chromebooks còmhla ri clas 1 agus 2. Rinn iad dealbhan, chluich iad geamannan matamataigs agus rinn iad òrain còmhla air Chrome Music Lab.
Latha Spòrs 2025!
An Giblean | April 2025
Dh’ionnsaich na sgoilearan againn mar a dhèanadh iad fighe còmhla ri Flòraidh Forrest agus Màiri tron phròiseact Beairteas aig Fèisean nan Gàidheal agus Tobair an Dualchais. Tapadh leibh gu dearbh!
Iomain Cholmcille 2025. Geama nan Gàidheal tro chànan nan Gàidheal.
Rèis a mhonaidh 2025. Ghabh gach sgoilear bho chlasaichean 5-7 pàirt is mealaibh ur naidheachd uile!
Cuach na Cloinne 2025, abair spors a bh' aig a h-uile duine.
Rinn clas 4 bàtaichean Lochlannaich agus chuir sinn san abhainn iad.
Am Màrt | March 2025
Tha C4 ag ionnsachadh mu dheidhinn nan Lochlannach. Rinn sinn bràistean Lochlannach agus taighean-fada. Abair spòrs a bh’ againn!
Abair spòrs a bh’ aig Clas 7 aig fèis ball-basgaid san Àrd-sgoil an-diugh. ’S iad a bha modhail agus dòigheil! Mìle taing Sarah Ross aig Highlife Highland airson seo a chur air dòigh. 🏀
Spring Clean na h-Alba 2025
Choimhead C7 air coimhearsnachd na sgoile agus mhothaich sinn gun robh Loch a’ Mhuilinn feumach air beagan sgioblachadh is chaidh iad ann a thogail sgudail. Chaidh C5 timcheall a' bhaile cuideachd is chaidh aca air 6 pocannan sgudail a lìonadh! 'S math a rinn iad uile! 🌟
Ghabh C1/2 an cothrom matamataig a dhèanamh taobh a-muigh sa raon-chluiche fhad 's a bha a' ghrian a' deàrrsadh ☀️
Dh’fhàg sinn soraidh slàn le Roxinne an-diugh is thug sinn taing mhòr dhìth airson a bhith cho còir is gasta fhad ’s a bha i còmhla rinn. Bidh sinn gad ionndrainn Roxinne. ❤️
Leis a' ghrian fhathast a' deàrrsadh is sìde àlainn againn, chuir C6 'mini-athletics' eile air dòigh do C2/3!
Feasgar nam Pàrant
Bha e cho math a h-uile duine fhaicinn is chòrd e ris a' chloinn a bhith a' sealltainn an cuid obrach dhuibh! Mìle taing ❤️
Spòrs còmhla - Tha C6 air a bhith a' dèanamh Athletics is chuir iad air dòigh 'mini-athletics' do C1. Abair sìde a bh' againn! #càirdeas ☀️
Chaidh sinn a chèilidh air Tigh na Drochaid mar phàirt den phròiseact eadar-ghinealaich aca. Bha iad uile nan rionnagan a’ cluich uno, draughts is dominoes còmhla. Tha sinn cho moiteil às a’ chloinn is cho math ’s a bha iad. 🥰
Cha d’ fhuair Clas 1-2 fiù ’s cothrom anail a ghabhail gus an robh iad trang a-rithist le saidheans. Bha aca ri obair ann am buidhnean gus dèideag a dhealbhadh a ghabhadh a phutadh no a tharraing. An uair sin, sheall iad dha na caraidean aca mar a dh’obraich iad.
📚 Latha Mòr nan Leabhraichean 2025 📚
Spòrs is sgeulachdan còmhla ri Gilleasbuig MacFhearghais. Abair madainn! Tha gaol againn uile air a bhith a' leughadh còmhla.
🥞 Latha nam Foileagan 🥞
Bha spòrs aig C1 is C1/2 is iad ag ionnsachadh mar a nì iad foileagan. Nach iad a bha cruthachail agus feumaidh 's gun robh iad blasta oir cha robh càil air fhàgail ach na truinnsearan!
An Gearran | February 2025
Tapadh leibh dha Portree Active Schools, pàrantan is coidsichean airson deagh latha aig an iomain ann am Port Rìgh an-diugh. Bha e cho math an uiread de chluicheadairean òga fhaicinn. Mealaibh ur naidheachd air ar sgiobaidhean! Tha sinn moiteil asaibh uile 🌟
Latha sònraichte is spòrs gu leòr aig an iomain ann am Port Rìgh an-diugh. Taing mhòr dha Portree Active Schools airson a’ cho-fharpais a chur air dòigh. Seall na h-aodannan toilichte seo! 🥇
Am Faoilleach | January 2025
🐉 Bliadhn' Ùr nan Sineach 🐉
Abair spòrs a bh' aig C1 is C1/2 an-diugh! Rinn an dà chlas Dannsa Dràgoin san talla, pheant iad masgaichean, bleugh iad an sgeulachd mun mhìosachan is dh'ionnsaich iad gur e seo Bliadhna nan Nathrach! 🐍 Dh'fheuch iad beagan sgrìobhadh Sineach is dumplagan le chopsticks. Latha trang a bh' aca!
Chaidh clas 6 is 7 gu Tigh na Drochaid airson cluinntinn mun dàrna chogadh. Dh’ionnsaich sinn an t-uamhas! Taing dha Natasha Anderson is Graham Ross airson an cuireadh.
Mòran taing dha Mairead NicNeacail is Roddy Beaton a thadhail oirnn madainn an-diugh mar phàirt den ionnsachadh Creideamh agus Eòlas Moraltachd againn. Chòrd e ri clas 6 is 7 gu mòr!
An Dùbhlachd | December 2024
Deireadh teirm cho snog, sìtheil is sinn san eaglais còmhla. Mìle taing dha Murchadh MacLeòid is an t-Urr. Sandor Fazakas, Eaglais Phort Rìgh is Stagecoach Highlands airson madainn cho sònraichte. Nollaig Chridheil dhuibh uile!
🍽️ Biadh Mòr na Nollaige 2024 🍽️
Taing mhòr dha Anne. Kathryn, Nicola agus Lara airson biadh blasta an-diugh agus fad na bliadhna!
Fèill Nollaig 24 🧑🎄
Tapadh leibh uile airson tadhal oirnn an-dè is taic a chur rinn. Tha sibh cho coibhneil! ♥️ #coimhearsnachd
Cho moiteil às an dà sgioba againn! Fhuair iad le chèile dhan iar-chuairt dheireannach is bhuannaich sgioba Colm Cille! ✨ Taing mhòr dha na coidsichean is dha na pàrantan!
Tha taigh-bìdh piotsa san oisean-cluiche againn an teirm seo. Is mar sin, fhuair C1 cothrom piotsa aca fhèin a dhèanamh an-diugh! Rinn iad cho math a’ taghadh na bha a’ dol air is cha mhòr nach do dh’fheuch a h-uile duine blas dheth!
An t-Sàmhain | November 2024
Cho moiteil às an dà sgioba againn agus mar a bha iad gan giùlan fhèin aig an iomain ann an Caol Àcainn a-nochd. Bhuannaich sgioba Colm Cille agus bu thoil leinn taing mhòr a thoirt dha na pàrantan, coidsichean is cluicheadairean air fad.
Tha sinn air leth taingeil gu bheil Art Donald air a bhith a-staigh thairis air trì sheachdainean a' dèanamh dràma còmhla rinn. Taing mhòr Art, is do Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Latha Nàiseanta Crolaidh - Co-fharpais
Mìle taing Sarah Ross is Portree Active Schools airson a' cho-fharpais chrolaidh a chur air dòigh dhuinn. Chòrd e ri ar clasaichean 4-7 gu mòr pàirt a ghabhail ann!
Clann ann an Èis 2024
Latha Pudsey ann am BSGPR. Spòrs, dannsa, dealbhan is sinn a' togail airgid airson Clann ann an Èis. 💛
Thadhail Clas 7 air Taigh na Drochaid an-diugh is iad a' comharrachadh a bhith fosgailte 30 bliadhna. Mealaibh ur naidheachd!
Latha air leth aig a' bhall-choise ann am Port Rìgh an-diugh. Taing mhòr do choidsichean is pàrantan! Is math a rinn gach sgioba!
Spòrs gu leòr aig an iomain ann an Caol Àcainn a-nochd! Rinn an dà sgioba againn cho math is ràinig iad le chèile an iar-chuairt dheireannach. Meal a naidheachd air Lila a bhuannaich an duais airson a' chluicheadair as fheàrr! Tàing mhòr dha na pàrantan is na coidsichean.
Abair spòrs a bh' againn aig 🎃 Pàrtaidh Oidhche Shamhna 🎃 an-dè le tòrr charactaran nam measg! Ceòl, cànan is càirdeas còmhla. ❤️
An Dàmhair | October 2024
Bha C6 anns an leabhar-lann an-diugh a' taghadh 's a' leughadh leabhraichean còmhla! 📚
Thug C4 sùil air dathan an fhoghair, is rinn sinn pìosan bàrdachd is ealain ceangailte ris an fhoghair. 🍂🍁
"Seòid" - Còmhla Cogadh nan Còmhlain BSGP aig Mòd an Òbain 2024. Cho moiteil às an ceathrar agaibh. Taing dha Kathlenn airson an obair a rinn i leotha 🥰
Thàinig an sgioba Climavore a-staigh a dhèanamh pròiseact le C7 air mar as urrainn dhaibh cunntas a thoirt air nithean ann an dòigh annasach is diofraichte, is pìosan bàrdachd is ealain a dhèanamh asta! Seo na rinn iad, nach eil iad cho ealanta? ✏️
Fhuair C4 burrasan aig toiseach na teirm, is tha iad a-nis air fàs is atharrachadh gu dealain-dè! Chuir sinn a-mach iad dhan raon-chluiche, seall cho brèagha is dathach 's a tha iad!
Bha latha air leth againn aig a' bhall-choise ann am Port Rìgh an-diugh! ⚽ Taing mhòr dha na coidsichean, pàrantan, agus dha na cluicheadairean fhèin. Tapadh leibh Skye and Lochalsh Junior Football Association!
Is math a rinn a h-uile sgoilear air C6 is iad ag ionnsachadh mu bhith sàbhailte air baidhsagal. Taing mhòr dha Miss NicLeòid is Mrs Tindall airson a bhith cho gasta! ✨
Tha C1 air "Am Burras Acrach" a leughadh. Choimhead sinn air a' bhiadh fallain a dh'ith am burras agus rinn sinn burras againn fhìn a-mach às! 🍓🍏🥕
Abair latha sònraichte aig an iomain an-diugh is sinn cho moiteil às an dà sgioba againn. Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich tro pheanasan an aghaidh ar sgioba C6/7, agus sa chuairt dheireannach, bhuannaich Baile Ùr an t-Sleìbhe an aghaidh ar sgioba C4/5. Mòran taing do phàrantan is dha na coidsichean.
An t-Sultain | September 2024
Fhad ‘s a bha gathan na grèine ☀️ a’ dèanamh pàtrain sna speuran (mu dheireadh thall), thàinig Clas 1/2 a-mach chun raon-cluiche gus pàtrain eile a lorg. Dh’obraich iad còmhla gus pàtrain a lorg mun cuairt orra agus gan dealbhachadh. Bha iomadach dhiubh ann!
Rinn an dà sgioba iomain againn cho math air an t-seachdain seo!🏅 Mealaibh ur naidheachd air na sgiobaidhean againn a chluich ann an Ceann a' Ghiùthsaich - mòran taing do phàrantan is coidsichean.
Tha a' ghrian a-mach mu dheireadh thall! ☀️ Bidh na casan beagan sgìth a-nochd!
An Lùnasdal | August 2024
Abair deagh latha airson C3 a choiseachd sìos gu leabharlann na coimhearsnachd. 📚
Spòrs le cuileanan 🐶
Thàinig Clas 7 a dhèanamh leughadh le Clas 1 an-diugh! Abair rionnagan 🌟
Abair seachdain trang a bh' aig Clas 1! Nach do rinn iad cho math air a' chiad seachdain? ✨