Naidheachdan | School News 

Seall na dh'ionnsaich sinn 's a rinn sinn am bliadhna!

An Cèitean | May 2024

Bhuannaich an sgioba òg againn a-nochd ann an Caol Acainn! Mealaibh ur naidheachd is taing dha na pàrantan is na coidsichean ❤️

Is math a rinn gach sgoilear a ghabh pàirt ann an Rèis a’ Mhonaidh ann am Port Rìgh an-diugh is gu h-àraidh an dà sgioba againn a bhuannaich.

Mòran taing dha Portree Active Schools is mealaibh ur naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt!

Tosgairean Gàidhlig na seachdaine! Is math a rinn iad! ❤️

Geama nan Gàidheal air Latha Buidhe Bealltainn - Cupa Iomain na h-Òige 🏆

Rèis a’ Mhonaidh 2024

Seall na ghabh pàirt! Is e taighean Diurinis agus Minginis a bhuannaich co-fharpais nan taighean.

 🥇1mh Ceitidh, 🥈 2rna Lila, 🥉 3mh Maeve

 🥇1mh George, 🥈 2rna Frankie, 🥉 3mh Eoghainn

Mealaibh ur naidheachd is taing dha Ms NicLeòid is Ms Gòrdan airson cùisean a chur air dòigh!

Na sgiobaidhean aginn aig Cuach na Cloinne 2024!

⚽🏆Comunn na Gàidhlig: Cuach na Cloinne – Cuairt an Eilein Sgitheanaich🏆⚽

Abair latha eireachdail a bh’ againn an-diugh airson cuairt roinneil an Eilean Sgitheanaich & Loch Aillse 2024 ann am Port Righ! Bha e sgoinneil an òigridh fhaicinn còmhla, a’ cleachdadh na Gàidhlig fhad ‘s a bha iad a’ cluich ball-coise còmhla! ‘S math a rinn gach sgioba a ghabh pàirt an-diugh!

Às dèidh iomadh geama teann, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh A a’ chùis, a ’togail duais a chaidh a thoirt leatha le Comhairliche Calum Rothach, agus a bhios a’ dol dhan chuairt-deireannach ann an Inbhir Nis air 29mh den Chèitean!

An Giblean | April 2024

Bha Clas 1/2 gu math cruthachail an-diugh! Chaidh iomadh rud a thogail! Dh’obraich iad còmhla agus bha spòrs aca gus an robh againn sgioblachadh!

Pàrlamaid na h-Alba 25.04.25

Nach ann dhuinne a rug an cat an cuilean! Thadhal Clas 7 air Pàrlamaid na h-Alba an-diugh agus choinnich sinn ri Collette Stevenson MSP agus Evelyn Tweed MSP a bha cho laghach agus thug iad cuireadh dhuinn dhan t-seòmar. Fhuair sinn uile cothrom suidhe anns a’ chathair sònraichte aig a’ Chiad Mhinistear. Thàinig Edward Mountain a bhuidhinn rinn ach gu mì-fhortanach bha Ceit Fhoirbeis MSP dìreach air fàgail.

Thug sinn taing dhaibh agus cuireadh a choimhead oirnn uair sam bith. Ghabh sinn òran fhad ’s a bha sinn ann!

’S math a rinn ar rionnagan òga a bha a’ cluich fhad ’s a tha na nigheanan mòra ann an Dùn Èideann! Mealaibh ur naidheachd Loch Carrann a bhuannaich an Dewar Shield.
Tha sinn cho moiteil asaibh uile!

Tapadh leibh CnaG agus Poileas Alba airson nan cothroman sònraichte seo!

CnaG: Tosgairean BSGP a’ tadhal air Poileas Alba ann am Port Rìgh.

Bha dà fheasgar gu math inntinneach againn nuair a thug sinn ar Tosgairean òga dhan Stèisean Phoileas sa bhaile. Chòrd an turas rinn uile, agus tha sinn air leth taingeil dhan luchd-obrach aig an Stèisean a bha spòrsail, fialaidh agus a fhreagair tòrr mòr cheistean. Bheachdaich sinn cuideachd air dè bhios còrr againn a bhith mothachail air is sinn a’ sreap ris an àrd-sgoil am bliadhna.

Am Màrt | March 2024

Feasgar nam Pàrant 20.03.24

Seo agaibh taghadh beag de na dealbhan a thog sinn an-dè - mòran taing dhan h-uile duine a thàinig a-staigh a dh'fhaicinn obair an cuid chloinne. Bha e cho snog na h-uiread de theaghlaichean fhaicinn is bha e na thoileachadh dhuinn obair ur cloinne a shealltainn dhuibh. 

Taing mhòr dha Whitewave airson dà latha air leth.  ⛺🌊
Spòrs is ionnsachadh còmhla ri Anna Mhartainn, Eilidh NicChoinnich is Eilidh NicFhraing.

🔴 Là na Sròine Deirge 2024 🔴

#càirdeas #coimhearsnachd #gnìomhach #spòrs

Tosgairean na seachdain is iad uile a' dèanamh an dìcheall Gàidhlig a chleachdadh.

📕 Là Mòr nan Leabhraichean 2024 📕

A' leughadh is a' còmhradh mu leabhraichean còmhla. 📚 Bheil dad nas fheàrr?

Bha sinn cho toilichte gun do ghabh tè dhe na sgoilearan againn pàirt ann an tachartas HLH ann an Eden Court aig an deireadh-sheachdain! 👏👏👋

Tosgairean na seachdain-sa! Is math a sinn sibh uile le bhith a' cleachdadh na Gàidhlig san sgoil. ✨

An Gearran | February 2024

Science Skills Academy

Cha b’ e dìreach ‘cuairt’ shìos a’ bhaile a bha aig cuid de na sgoilearan ann an clas 5, 6 agus 7 an-diugh, bha iad air leth fòrtanach gun d’fhuair iad ionnsachadh ann an cuairtean leactronaigeach agus lùth.


Ghabh iad pàirt ann am bùth-obrach, air a’ lìbhrigeadh le Science Skills Academy, agus nach iad a bha trang. Abair spòrs a bh’ aca toirt air bolgan a’ lasadh suas agus fana dol mu thimcheall, am measg rudan eile. Cha mhòr nach robh diosgo a’ dol air adhart leis na solais agus na buillean! Taing mhòr dhan Academy.

Tha Clas 1 Loch Mòr air a bhith ag ionnsachadh mun bhùth agus dè tha ri fhaighinn ann. Chaidh sinn air cuairt dhan Cho-op an-diugh. Bha liosta againn de rudan a bha a dhìth oirnn. Nuair a thill sinn, dheasaich sinn am biadh a cheannaich sinn agus bha snac blasta againn! 🍓🍏🍌

Seachdain na Gàidhlig

A’ comharrachadh Seachdain na Gàidhlig ann an C3.

Rinn sinn postairean, bhruidhinn sinn air na tha a’ còrdadh rinn mu bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, chaidh sinn gu Cèilidh air-loidhne le sgoiltean eile agus cuideachd chaidh sinn thairis air abairt a tha sònraichte dhuinn mar sgoil.

 Lùth Chleasachd na Sgoile 2024

An dèidh pentathlon farpaiseach mealaibh ur naidheachd air na sgoilearan a shoirbhich!

Bhuannaich George airson nam balach, le Liam san dàrna àite is Aonghas Iain san treas àite. Bhuannaich Ceitidh is Maeve le chèile airson nan nigheanan, le Eve san dàrna àite is Ashleigh san treas àite. 🥇🥈🥉

Mìle taing do Miss NicLeòid airson an tachartas a chur air dòigh.

Tosgairean na seachdain agus nach math a rinn gach sgoilear a tha anns na dealbhan seo! Rionnagan uile ❤️

Tapadh leibh Camanachd Association airson là air leth aig an iomain sa Ghearasdan. Mealaibh ur naidheachd air sgiobaidhean Hilton agus Caol a bhuannaich agus dha na Seòid againn fhèin a rinn cho math.
Tha sinn moiteil asaibh uile ❤️

Bliadhna Ùr nan Sineach pàirt 2 - barrachd dhealbhan bho an-dè far an robh clasaichean 1-3 a’ dèanamh dhràgonan, a’ cleachdadh taois airson beathaichean a dhèanamh agus a’ feuchainn ri chopsticks a chleachdadh. 🐉🥢
An-diugh rinn sinn Dannsa Dràgoin còmhla ri Cleodi bho Skyedance. Abair spòrs!

Bliadhna Ùr nan Sineach - thàinig C1 agus C1/2 a chèilidh oirnn an-diugh agus dh’ionnsaich iad uile mar a sgrìobhadh iad 0-10 ann an sgrìobhadh Sineach. Tha e gu math doirbh!
Cuideachd, rinn sinn solais dhuinn fhèin air sgath ’s gum bi fèis solais aig na Sinich.

Bliadhna Ùr nan Sineach ann an Clas 5/6 agus 6/7. Feasgar spòrsail!

Spòrs gu leòr aig Soccer 7s an-diugh. Is math a rinn gach cluicheadair a ghabh pàirt. ⚽

Taing mhòr dha na pàrantan is na coidsichean!

Tosgairean Gàidhlig na seachdain agus sàr-dhuais dha Kathryn a tha a' cleachdadh Gàidhlig fad na h-ùine san taigh-bidhe. #cànan

Tapadh leibh Portree Active Schools airson là làn iomain is spòrs. Mealaibh ur naidheachd dha gach sgioba is dha na pàrantan is coidsichean! Is dha Lila a choisinn duis cluicheadair a cho-fharpais.

Am Faoilleach | January 2024

Mar sin leibh Kathleen Maclean! Bha sinn uile cho duilich gu bheil thu air falbh an dèidh mòran bhliadhnaichean. Bìdh sinn gad ionndrainn gu mòr ❤️

Bha Clas 1 Loch Mòr trang a' deasachadh biadh airson na h-eòin an-diugh.  Chleachd iad sliseagan fiodh, poll agus sìol airson 'piotsa poll' a dhèanamh.  Lìon iad biathadairean agus chroch iad a-muigh iad.  A-nis tha iad a' feitheamh gus am faic iad dè na h-eòin a thig airson greim-bìdh! 

Anns an sgoil tha sinn uile a' feuchainn ri Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri ar caraidean.
Seo Tosgairean Gàidhlig na seachdain. 

#Cànan #Càirdeas #Coimhearsnachd

Tha Clas 3 ag ionnsachadh mu bheatha ann an linn nam Bhictòrianach agus a’ dèanamh coimeas eadar an latha an-diugh agus an-dè. Dè cho fortanach 's a tha sinne ann an 2024 na rudan a tha againn airson cluiche leis an coimeas ri clann ann an linn Bhictoria!

Latha air leth aig an iomain is taing dha Portree Active Schools.

Is math a rinn gach cluicheadair a ghabh pàirt is mealaibh ur naidheachd air an dà sgioba againn a bhuannaich is dha Ceitidh is Cailean a choisinn duaisean air leth.

 
Taing mhòr dha na coidsichean is dha na pàrantan a tha air a bhith a' brosnachadh gach cluicheadair.

An Dùbhlachd | December 2023

Pàrtaidh Sgoile na Nollaige😀

Abair spòrs a bh’ againn aig Pàrtaidh Nollaig na Sgoile an-dè. Bha còmhlan sgoinneil againn agus bha sinn uile a’ dannsadh. Bha luchd-tadhail sònraichte againn cuideachd le tòrr thiodhlacan.  
#Cultar    #Cànan    #Càirdeas

Bha Clas 6/7 gu math trang aig an deireadh-sheachdain. Air Dihaoine chluich sinn aig cuirm Alzheimer Scotland aig taigh-òsda Cuillin Hills Hotel. Disathairne bha buidheann a toirt taic dha Macmillan Cancer Support aig Jans. Sheinn is chluich na gaisgich seo airson dà uair a thìde. Air Là na Sàbaid sheinn buidheann aig Seirbheis ann an St Columba Episcopal Church.
#Coimhearsnachd     #Cànan     #Càirdeas     #Cultar 

Latha na Peitein Nollaige 

Bha latha sgoinneil aig a h-uile duine an-diugh! Chuir sinn geansaidhean Nollaige oirnn agus bha sinn a' seinn agus a’ dannsadh còmhla. 

An t-Samhain | November 2023

Rinn Clas 6/7 farpais airson geansaidh Nollaig Ghàidhlig ùr a chruthachadh. Chruthaich Chloe an dealbhadh a bhuannaich. Tha iad a’ dol a reic nan geansaidhean airson airgead a thogail dhan sgoil.
#Coimhearsnachd     #Cànan     #Cultar 

Latha Pudsaidh 

Bha madainn àlainn againn a' togail airgid airson Clann ann an Èis. Tapadh leat gu C7 airson an raffle a dhèanamh.
Taing shònraichte do Poppy agus Ceitidh a rinn bracelets agus a chuir an t-airgead ris an airgead againn.
#Coimhearsnachd        

Dh’ionnsaich C3/4 mu Diwali an t-seachdain-sa. Rinn sinn pàtrain rangoli agus las sinn coinnlean.

'S math a rinn an fheadhainn a thàinig leis a' choimhearsnachd ionadail airson caismeachd Latha a’ Chuimhneachaidh air Didòmhnaich. 

Poppy Scotland

Thadhail gach clas air 'The Poppy Bus' an-diugh. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn chrom-lusan agus rinn sinn na crom-lusan againn fhìn.

Mairidh an cliù gu bràth

In Flanders fields the poppies blow
#Coimhearsnachd    #Cultar

An Dàmhair | October 2023

Bha spòrs is craic againn aig ar Latha Cultair. Cultar, cànan, càirdeas, coimhearsnachd còmhla ri caraidean na sgoile Morag Stewart, Artair Donald, Eilidh NicFhraing, Kathleen Macdonald, Sadie Macdonald is Beth Macdonald.  Taing mhòr dha The Highland Council agus Bòrd na Gàidhlig.

#Coimhearsnachd     #Cànan     #Càirdeas     #Cultar  

Feasgar nam Pàrant 

Thadhail pàrantan oirnn an-diugh gus sùil a thoirt air ar n-obair.

Fhuair Clas 3/4 burrasan trì seachdainean air ais. Dh'fhàs iad agus dh'atharraich iad gu dealain-dè. Seall cho brèagha 's a tha iad! 

An t-Sultain | September 2023

Mòran taing dha Mrs Tindall a thug taic dhuinn an t-seachdain sa chaidh le ar deuchainnean rothaireachd. Bha sinn cho toilichte gun do rinn a h-uile duine an gnothach air an deuchainn agus tha sinn an dòchas gum faic sinn Clas 6 air na baidhsagalan aca mun cuairt a' bhaile ann an ùine nach bi ro fhada!

Leugh Clas 7 còmhla ri Clas 1 an-diugh. Chòrd na sgeulachdan ris a h-uile duine!
#Cànan #Càirdeas #Coimhearsnachd

Am Foghar - an t-àm den bhliadhna a dh'fheumas meanbh-bhiastagan beagan a bharrachd cobhair. A' cleachdadh stuthan a bha gu nàdarra mun cuairt oirnn, thog sinn taighean-òsta beaga pearsanta dhaibh - nach iad a bhitheas seasgair, blàth. 

An Lùnastal | August 2023

Dh'ionnsaich C7 mar a chleachdadh iad na h-innlealan aig Radio Skye. Rinn iad na programannan aca fhein is bidh iad a' craoladh a' chiad phrògram Craoladairean Òga Disathairne seo tighinn aig meadhan-latha! Tha Clas 7 de Bhun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air prògram sgoinneil a dhèanamh a’ sealltainn a' chiùil as fheàrr leotha sa Ghàidhlig. Dèan cinnteach gun èist thu Disathairne!  

Aig cruinneachadh an-diugh chluich na gaisgich seo puirt dhuinn. Is math a rinn iad uile!

Càirdeas agus Coimhearsnachd san raon-chluiche. 

An-diugh thog Clas 1/2 feansaichean agus pàircean mòra airson nam beathaichean le stuthan a lorg iad anns a' chlas. Bha iad cuideachd ag obair air loidhnichean dìreach a dhèanamh anns na leabhraichean làimh-sgrìobhaidh aca. Ann am matamataig bha iad ag ionnsachadh mu dhathan agus 's e purpaidh a bh' ann an-diugh. Fhuair iad lorg air tòrr rudan purpaidh!

Seall air na h-aodainn beaga toilichte seo! Tha Clas 1 Loch Mòr air a bhith trang a’ dèanamh aodainn le taois agus abair ‘job‘ mhath a rinn iad.

Bun sgoil Ghaidhlig Phort Righ Portree Gaelic school

Clas 4/5 

Rinn sinn deuchainn saidheans air eadar-sgaoileadh.   

We did a science experiment on dissolving materials. 

#Cànan     #Càirdeas

Iomain

Cho moiteil às a h-uile cluicheadair a ghabh pàirt anns a' cho-fharpais iomain! 'S math a rinn sibh uile.


So proud of all the players who took part in the Shinty competition! Well done you all.

   #Cultar     #Coimhearsnachd 

Clas 5/6 

An-diugh dh'innis clas 5/6 dhuinn mun ùrnaigh a bhios sinn ag ionnsachadh còmhla mu dheidhinn sìth agus fois air feadh an t-saoghail. Is math a rinn sibh!

Today P6 shared with us their interpretation of our school prayer ’Ùrnaigh' where we wish for kindness and peace throughout the world. As always, we enjoyed singing it together. 

#Coimhearsnachd  #Cànan

Clas 1

Tha Clas 1 air a bhith trang a’ cur bholgain. Bha sinn a’ tomhas le ar làmhan agus le cupannan. Tha sinn a-nis a’ dèanamh fiughar ri na bolgain a’ fàs! 

P1 have been busy planting bulbs. We measured with our hands and cups. We are now excited for the bulbs to grow!

#Cànan    #Càirdeas     

Pròiseact a’ Bhiobaill 

Ionnsachadh agus spòrs le pròiseact a’ Bhiobaill - Bible Stories Lego Animation Project. Taing gu @Education Scotland agus @Church of Scotland airson nan goireasan.

Learning and fun with the Bible project - Bible Stories Lego Animation Project. Thanks to @Education Scotland and @Church of Scotland for the resources.

#Cànan     #Cultar 

Soccer 7's

Càirdeas, coimhearsnachd agus spòrs anns a' Phloc an-diugh. Is math a rinn gach cluicheadair a ghabh pàirt agus taing mhòr dha na coidsichean is dha na pàrantan. 

Càirdeas, coimhearsnachd agus spòrs at Soccer 7's in Plockton today. Well done to all the players who took part and a big thank you to the coaches and parents.

        #Coimhearsnachd    #Cultar    

Clas 7 is Sgoil-àraich 

Leugh clas 7 còmhla ri Sgoil-àraich an-diugh. Chòrd e ris a h-uile duine. 

Primary 7 read books along with Sgoil-àraich today. Everybody enjoyed all the stories.

    #Cànan    #Càirdeas

Iomain 

Oidhche air leth aig an iomain ann an Caol Àcainn. Cho moiteil às a h-uile cluicheadair a ghabh pàirt anns a' cho-fharpais iomain! 'S math a rinn sibh uile.


A great night in Kyleakin. So proud of all the players who took part in the Shinty competition! Well done to you all.

   #Cultar     #Coimhearsnachd