Seall na dh'ionnsaich sinn 's a rinn sinn am bliadhna!
Am Màrt | March 2026
P.6 took part in work on Skyes Community Careers and Networking event today! Great to get the chance to explore the stalls and do some great emergency life support training with the Lucky2bhere team.
Chòrd an latha rinn gu mòr ag ionnsachadh mu na daoine a tha ag obair sa choimhearsnachd againne. Tapadh leibh airson an cuireadh.
Sgeulachdan, stòiridhean is spòrs air Latha Mòr nan Leabhraichean còmhla ri sàr charaid na sgoile,
Gilleasbuig Ferguson. Ceud taing a Ghilleasbuig.
Abair cothrom dha Archie beag a bhith a’ ruith air a’ phàirce le sgioba rugbaidh na h-Alba.
Meal do naidheachd air na cluicheadairean againn airson buannachadh aig ìre nàiseanta. Cho moiteil asaibh uile! Nach math a rinn sibh!
An Gearran | February 2026
Ni clachan beaga tric càrn mòr uaireigin. Abair seachdain a bh' againn is sinn a' leughadh còmhla ri Linda, ri dràma còmhla ri Art, a' craoladh còmhla ri clann an Eilein san àrd-sgoil, an sàs ann an ealain còmhla ri sgoilearan na h-àrd-Sgoil, ri cleasan san talla còmhla ri Kirstin agus a' sgeadachadh lèintean T aig Stradagan. Is abair cèilidh a bh' againn san Sgoil-Àraich còmhla ri sàr neach-ciùil, Màili 🎻
Abair spòrs agus fealla-dhà a bh’aig S3 còmhla ri sgoilearan BSGP airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh! Tapadh leibh airson thighinn a chèilidh oirnn!
Cho fortanach Sìne a bhith againn.
Tosgairean Òga Thròndairnis - BSGPR - Is e tlachd a th' ann a bhith ag obair leis an òigridh à ceann a tuath An Eilein Sgitheanaich. Chì sibh an seo eisimpleirean den obair-ealain aig an òigridh aig Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.
Ceòl, càirdeas, agus cultar aig The Colonel Jock Memorial Competition. Tha sinn moiteil asaibh uile.
Meal a naidheachd air clas 4 agus clas 5 a dh'obraich gu cruaidh gus duais teicneòlais a choisinn dhan sgoil!
We are delighted with our Digital Schools Award and would like to thank Miss Pheutan for coordinating the application
Meal a naidheachd air gach cluicheadair a ghabh pàirt anns na geamannan iomain thairis air an dà sheachdain a chaidh seachad.
Delighted to see so many young shinty players at indoor tournaments in Portree over the last two Saturdays. Thank you to all coaches and parents.
We are proud of each and every player in our nine teams
Am Faoilleach| January 2026
Sheinn Clas 7 Ar Cànan 's ar Ceòl còmhla ri Seonaidh Mac an t-Saoir aig cèilidh coimhearsnachd Phort Rìgh. Nach iadsan a bha fortanach!
Seall an spòrs a bh' againn a' dèanamh spèileadh deighe. Taing mhòr dha Light Up Portree agus Lorna Cormack airson an cothrom seo a thoirt dhùinn!
An Dùbhlachd | December 2025
Tapadh leibh Portree Parish Church, Rev Sandor Fazakas agus Iain D Urchardan airson seirbheis cho snog san eaglais an-dè. Taing mhòr cuideachd dha Stagecoach Highlands airson busaichean a chur air dòigh dhuinn. Nollaig Chridheil dhuibh uile.
Na seòid bho C7 a sheinn fad dà uair a thìde an-diugh aig Jans a' cruinneachadh airgid airson Macmillan Cancer Support. Fhuair iad cothrom coinneachadh ri Bodach na Nollaige mus do dh'fhàg sinn.
Mìle taing do Bun Sgoil Dhùn Bheagain airson a bhith cho gasta ‘s laghach an-diugh. Choimhead sinn panto a bha cho èibhinn agus chuir sinn seachad beagan ùine còmhla ri na clasaichean. Rinn na sgoilearean againn caraidean ùra agus agus bha latha air leth aig a h-uile duine.
An t-Samhain | November 2025
Chòmhdaich sinn an sgoil air fad an-diugh ann an uaine seach an dearg àbhaisteach. Deagh oidhirp bho na sgoilearan agus luchd-obrach air fad. 💚
Farpais cheist nam bun-sgoiltean 2025. Bha e cho snog a bhith còmhla ri sgoiltean eile.
Chuir sinn seachad dà mhadainn spòrsail a' cluich gheamannan còmhla ri muinntir Tigh na Drochaide. Bha cèilidh beag againn cuideachd.
Spòrs gu leòr aig an iomain ann an Caol Àcainn a-nochd ann am farpais Jenny Mackenzie. Taing dhuibh airson cuireadh a thoirt dhuinn.
Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl! 🎶
Mairidh an cliù gu bràth.
Sgoilearan Phort Rìgh. A' cuimhneachadh air feadh an Eilein.
Tha sinn cho moiteil às ar luchd-ciùil. Nach math a rinn iad.
An Dàmhair | October 2025
Is math a rinn Kiro is e a' gabhail pàirt anns a' Mhòd airson a chiad turas. Choisinn e am bonn òr anns an dà cho-fharpais feadain aige. Meal do naidheachd Kiro!
Taingealachd an Fhoghair. Is sinne a tha taingeil airson cho còir 's a tha ar pàrantan. Thàinig sinn còmhla airson ceòl is càirdeas is còmhradh mun obair mhòr a tha The Community Foodbank - Skye and Lochalsh a’ dèanamh.
Thàinig an t-einsean smàlaidh a chèilidh oirnn an-diugh is bha Gàidhlig aig na fir-smalaidh! Seall na h-aodainn againn.
Na h-nigheanan againn a' dannsa còmhla air seachdain spòrs nam ban.
Bikeability 2025 - Mealaibh ur naidheachd dhan h-uile duine air clas a 6. Fhuair sibh uile ìre 2. Tapadh leibh Miss NicLeòid agus PC Tindall. Feuch gum bi sibh sàbhailte air an rathad!
Tha C4 ag ionnsachadh mu dheidhinn ath-chuairteachadh. Rinn sinn am pàipear againn fhèin a’ cleachdadh pàipear sgudail agus uisge mar a nì iad ann am factaraidhean ath-chuairteachaidh.
Ghabh C6 agus C7 pàirt ann am bùth-obrach STEM bho The Smallpeice Trust. Latha trang le dùbhlain is co-obrachadh gu leòr.
Chuir Clas 4 seachad an latha a’ bèicearachd cèicean blasta an-diugh
Dh’obraich Clas 5 uabhasach math ann an dithisean an-diugh gus rannsachadh a dhèanamh air eileanan ann an Alba! Cleachdaidh sinn an eòlas seo gus faidhlichean fiosrachaidh a chruthachadh an ath sheachdain
Seall air an obair a rinn sinn airson an Art for Action for COP29 project.
Feasgar nam Pàrant 2025 #càirdeas #cànan #cultar #coimhearsnachd
Tapadh leibh airson feasgar cho càirdeil.
An t-Sultain | September 2025
Meal a naidheachd air Alex a choisinn an ceathramh àite ann an ClimbScotland Youth Climbing Series ann an Inbhir Nis air Disathairne!
Thadhal Fèisean nan Gàidheal oirnn an t-seachdain sa chaidh le dealbh-chluich sgoinneil. Chòrd am bùth-obrach rinn gu mòr.
Ceannardan òga
Mòran taing dha Danny Steele agus Sarah Ross bho Portree Active Schools a bha ag obair còmhla ris na ceannardan òga againn bho clas 7. Taing cuideachd dha sgoilearan Portree High School a bha a toirt taic dhuinn. Abair spòrs! #cànan #càirdeas #coimhearsnachd.
Shinty World Cup North Winners 2025!
Mealaibh ur naidheachd dhan dà sgioba againn a bhuannaich gach co-fharpais. Abair seòid! Taing mhòr dha na coidsichean is pàrantan cuideachd.
Spòrs còmhla ri caraidean aig Soccer 7' s ann am Port Righ.
Bha C1 a' smaoineachadh air dè na bu thoil leotha a dhèanamh nuair a bhios iad nas sìne! Bha beachdan math aca uile.
Àm trang do C3 agus C4 ‘s iad a’ co-obrachadh air leasachadh an cuid sgilean teignigeach agus litearrachd le bhith a’ leughadh leabhraichean air-loidhne cuide ri chèile.
Meal do naidheachd Alasdair- is math a rinn thu an-diugh!
Very well done to Alasdair who is the Isle of Skye Junior Golf Champion following his win at the Jewson sixes this afternoon!
Toiseach teirm thrang air a bhith aig clas 3 ag obair còmhla, ag ionnsachadh agus a’cluiche a-staigh agus a-muigh eadar na frasan.
An Lùnasdal | August 2025
Meal an naidheachd air na sgoilearan a ghabh pàirt ann an Triathlon Staffin! Rinn sinn uile cho math. Abair seòid.
Latha air leth aig an iomain is sinn cho moiteil às na trì sgiobaidhean againn. Meal a naidheachd air sgioba Cholm Chille (C4/5) a bhuannaich an co-fharpais aca. 🏆
Seall cho trang 's a bha clas 2 is iad ri spòrs le tractaran. Thog iad seadaichean sònraichte cuideachd is iad ag obair còmhla.
Thadhail C7 air C1 airson leabhraichean a leughadh dhuinn!
Chuir sinn fàilte mhòr air clas 1. Abair seachdain trang a bh’ aca is iad cho modhail is laghach!