Am t-Ògmhios | June 2023
Thàinig clann na sgoile còmhla airson seinn feasgar an-diugh is chuir sinn fàilte air clas 1 ùr! ❤️
Làithean geala aig muir còmhla ri sgoilearan gasta. 🐳 🐬Iolairean-mara, mucan-mara, leumadairean, ròin agus an turas air fad anns a' Ghàidhlig is Iain Cormack aig an stiùir!Taing mhòr chridheil dha Dan Corrigall, Stardust Boat Trips Portree.
Clas 1 trang a’ cluich hocaidh an-diugh! 🏒
Spòrs air a' mhuir - taing dha Skye Sailing Club agus Portree Active Schools
airson deagh latha! ⛵
Càirdeas agus coimhearsnachd tro dhannsa an-diugh. Tapadh leibh Home Farm agus Ailsa McInnes-Dance airson an cothrom seo a thoirt dhuinn!
Fhuair sgoilearan clas 6 cothrom ionnsachadh mu chraobh-sgaoileadh còmhla ri Cailean Maclean aig Radio Skye an-diugh. Bidh sinn ag obair air prògraman còmhla ri Cailean an ath-bhliadhna. Taing mhòr dhuibh!
Cuach na Cloinne 2023
Tha sinn uile cho moiteil às na gillean seo a chluich cho math mar sgioba. Is sinn a bha moiteil asta le mar a ghiùlain iad ’ad fhèin an-diugh. Chrìochnaich iad san Treas àite sa Chuairt Dheireannach Nàiseanta de Chuach na Cloinne. ❤️
An Cèitean | May 2023
Thàinig Tony is Chief a chèilidh oirnn Diardaoin sa chaidh.
Bha e fìor mhath èisteachd ri sgeulachd thraidiseanta taobh a-muigh!
Bha cuid de Chlas 7 trang a' cur fhlùraichean ann am Port Rìgh an-diugh còmhla ri Mrs Nic GillEathain agus Mr Edgar.
Spòrs agus càirdeas aig a' bhall-coise an-diugh. ⚽😁 ’S math a rinn na sgiobaidhean uile!
Tapadh leibh gu mòr airson taic a chur ris an iomairt againn Radio Skye.
Taing dhuibh uile airson taic a chumail ris an oidhirp againn fhad ’s a bha spòrs againn a’ togail airgead airson defibrillator, agus taing do Lucky bho Lucky2BHere airson coiseachd còmhla rinn.
Cho moiteil às an dà sgioba seo a bha a' cluich ann an Caol Acainn a-nochd ann an co-fharpais Cupa Dewar. Bhuannaich an sgioba òg is fhuair an sgioba as sine dhan chuairt dheireannach!
Bhuannaich an sgioba againn 3-2 a-nochd an aghaidh Sgioba Ceann Deas an Eilein!
🥇Latha Spòrs 2023🥇
B’ e latha dorcha fuar a bh’ ann, ach b’ fhiach e airson nan aodannan toilichte seo fhaicinn! Mòran taing dhuibh uile airson tighinn an-diugh!
An Giblean | April 2023
Triathlon aig Caol Loch Aillse
Latha air leth @ Lochalsh Leisure Centre. Is math a rinn gach neach a ghabh pàirt agus gu h-àraid Hamish agus na Seòid!
Chunnaic Clas 3/4 paraglider os cionn na sgoile an-dè, mar sin madainn an-diugh rinn sinn na glaidhdearan-crochaidh againn fhìn.
Chuir sinn uighean annta agus bha cuid fhathast slàn aig deireadh an latha!
Rèis a’ Mhonaidh 2023
Cho moiteil às na seòid a ghabh pàirt an-diugh!
Toraidhean:
Nigheanan - Breagha, Iona, Anna
Gillean - Hamish, Calum, George
Cupa an Taighe:
Nigheanan - Minginis
Gillean - Bhatairnis
Cuach na Cloinne 25.04.23 le Comunn na Gàidhlig -
Abair latha eireachdail (is fuar!) a bh’ againn an-diugh airson a' chiad chuairt roinneil de Cuach na Cloinne 2023 ann am Port Rìgh! Bha e sgoinneil an òigridh fhaicinn còmhla, a’ cleachdadh na Gàidhlig fhad ’s a bha iad a’ cluich ball-coise còmhla!
’S math a rinn gach sgioba a’ ghabh pàirt an-diugh!
Às dèidh iomadh geama teann, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a’ chùis, a' togail Duais Astar Media (a chaidh a' toirt leotha le Comhairliche Calum Rothach) & a bhios a’ dol dhan chuairt-deireannach ann an Inbhir Nis air 31mh den Chèitean! Feumaidh sinn feitheamh gus faicinn an urrainn dhaibh falbh dhachaigh le Cuach na Cloinne fhèin cuideachd!
⚽ 🏆 Cuach na Cloinne 25.04.23 🏆⚽
Tha C2/3 toilichte le cuspair na teirm seo - Fon Mhuir, far am bi iad an sàs ann an rannsachadh mu chuid de na h-iomadh diofar chreutairean mara, a’ cruthachadh an cuid èisg fhèin airson taisbeanadh sa chlas agus a’ cleachdadh stuthan nàdarra a lorgar air a’ chladach anns an obair matamataigeach aca.
5️⃣🎂 🎉Tha BSGP còig bliadhna a dh'aois! 🎉🎂5️⃣
Nì clachan beaga tric càrn mòr uaireigin ❤️
Am Màrt | March 2023
Mealaibh ur naidheachd! ✨
Spòrs agus Sgutairean! Às dèidh a bhith trang sa chlas, ghabh Clas 2 an cothrom na sgutairean fheuchainn an-dè! An-diugh, chuir sinn seachad ùine iomadach rud a' thogail le fiodh! Rud a b' fheàrr? Snac a-muigh! 😄
Abair spòrs a bh’ aig clas 1 air na scutairean an-diugh! 🛴
Bha clasaichean 5-7 air splaoid an-diugh. Thadhal sinn air Àrd-sgoil Phort Rìgh agus choinnich sinn ri muinntir Dynamic Earth. Fhuair sinn cothrom a dhol am broinn am planetarium aca. 🪐Chòrd e rinn gu mòr!
#coimhearsnachd #càirdeas
Tapadh leibh uile airson tadhal oirnn an-diugh airson feasgar nam pàrant.
Spòrs aig Sradagan!
CnaG an Eilein Sgitheanaich – Lasair: Sradagan Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Seall air na bogsaichean beaga brèagha a sgeadaich sinn Dihaoine! Cò dha? Airson Latha nam Màthraichean! An dòchas gun robh latha math teaghlaich agaibh uile.
🔴 Là na Sròine Deirge 2023 🔴
Tha e math tighinn còmhla airson carthannas ❤️
Spòrs gu leòr còmhla ri Sarah Ross bho Portree Active Schools is sinn trang le Hey Duggee.
Bha clas 7 trang ag eadar-theangachadh bho Gaeilge gu Gàidhlig is iad air litrichean fhaighinn bho charaidean ùra ann an Hedley Park Montessori School.
Tha sinn an dòchas gun tuig iad na litrichean a gheibh iad air ais.
Bhí Rang 7 gnóthach ag aistriú ó Ghaeilge go Gàidhlig agus fuair siad litreacha ó chairde nua i Scoil Hedley Park Montessori.
Tá súil againn go dtuigeann siad na litreacha a fhaigheann siad ar ais. (An dòchas gu bheil seo ceart!)
Club Ruithe an-diugh còmhla ri Shannon – bidh tòrr spòrs ann. 🏃🏃
Choimhead clas 1 air Malairt Chothromach an-diugh.
Dh’fheuch sinn banana, orains is teoclaid a chaidh a reic gu cothromach! 🍌🍊🍫
Spòrs Gàidhlig, spòrs agus sneachda is taic bho oileanaich Shabhal Mòr Ostaig.
Là Mòr nan Leabhraichean- cànan, càirdeas, coimhearsnachd, cultar ❤️
An Gearran | February 2023
Saoil dè as fheàrr? An-diugh neo an-dè?
Tha Clas 2/3 ag ionnsachadh mu beatha ann an linn na Bhictòrianach agus a’ dèanamh coimeas eadar an latha an-diugh agus an-dè. Dè cho fortanach ‘s a tha sinne ann an 2023 na rudan a tha againn airson cluiche leis an coimeas ri clann ann an linn Bhictòria.
Bha Clas a h-aon a’ tomhas le ciùban an-diugh is ag ionnsachadh air dè na tha “as àirde” is “as giorra”. Chuir sinn a h-uile duine ann an òrdugh de dh'àirde cuideachd!
Is math a rinn sibh uile!
Cho taingeil taic fhaighinn bho CnaG an Eilein Sgitheanaich - Lasair agus bho Sine Ghilleasbuig:
🎨 Club Ealain is Nàdair aig BSGPR 🎨
Bha sinn ann an deagh shunnd an-diugh, a' breithneachadh croitearachd troimhe na h-ealain. Chleachd sinn clòimh bho rùsgadh an uiridh airson ìomhaigh eadar-dhealaichte a thoirt do na dealbhan.
Mar phàirt dhen cuspair aig Clas 2 air dèideagan, Rinn sinn dèideagan beaga dhuinn fhìn!
Seall air na heileacoptairean againn!🚁 Bha iad gu math sìmplidh an dèanamh le pìos cairt.
Bha spòrs againn an uair sin san trannsa leotha!
An-dè thadhail clas 1 air ar nàbaidhean aig Harbro agus dh’innis Charlie dhuinn mu gach seòrsa biadh a th’ aca airson diofar bheathaichean. Chòrd seo rinn gu mòr! Cheannaich sinn sìol, buill gheir agus biathadairean airson eòin bheaga. An-diugh lìon sinn na biathadairean agus chroch sinn a-muigh iad. Mheasgaich sinn an còrr dhen t-sìol le geir, càise agus reusaidean ’s rinn sinn na biathadairean againn fhìn le durcain-ghiuthais.
Chì sinn a-nise dè as fheàrr le na h-eoin bheaga! 🐦
Am Faoilleach | January 2023
Tapadh leibh Helen agus Ailsa bho Lucky2BHere airson tadhal oirnn an-diugh !
Chuir sinn fàilte chridheil air Ruth Gordon bho Skye Camanachd an-diugh is i a' teagasg sgilean iomain tron Ghàidhlig.
Chòrd na bùithtean-obrach aig an Newton Room gu mòr air Diluain is Dimàirt.
An Dùbhlachd | December 2022
Bha Pàrtaidh Nollaig na sgoile againn an-diugh is abair cèilidh còmhla ri Gerry, Smith agus Kathleen!
🎄Latha nam Peitean Nollaig 2022 🎄
Nach ann dhuinn a rug an cat an cuilean!
Taing mhòr dha Fèisean nan Gàidheal is dhan sgioba a thadhail oirnn feasgar an-diugh.
'S math a rinn feadhainn bho BSGP aig Fèis Hocaidh na Gàidhealtachd an-diugh! Meal do naidheachd do Sandy agus Brèagha a bhuannaich duais airson a bhith nan sàr cluicheadairean is an sgioba C4/5 a bhuannaich cupa airson Ssportsmanship”. Abair spòrs a bh’ aca! 🏒🏆✨
An t-Sàmhain | November 2022
Rinn clas 3/4 criostalan ann an saidheans. Nach eil iad math!
Bha spòrs gu leòr aig clasaichean 1-3 aig an iomain ann an Caol Àcainn a-nochd.
Mealaibh ur naidheachd agus taing mhòr dha Sadie agus Marlene. ✨
Oidhche air leth ann an Caol Àcainn a-nochd!
Clann ann an Èis 2022
Bha latha spòrsail, càirdeil againn an-diugh a' togail airgead airson Clann ann an Èis. Thog sinn £430 agus rinn sinn dealbhan mòr de Pudsey. 🐻 Tapadh leibh airson a bhith cho còir.
Seirbheis Cuimhneachaidh an t-Sruthain 2022
Seo Alasdair Tindall a’ cur sìos am blàt-fhlùraichean às leth an òigridh anns an t-Sruthan an-dè.
Mairidh an cliù gu bràth
An Dàmhair | October 2022
Bha clann is luchd-obrach na Sgoil-Àraich trang an t-seachdain seo a' lìonadh 87 bhogsaichean airson Blythswood.
Taing dhuibh uile airson ur taic ❤️
An-dè sgrìobh 3/4 stiùireadh air mar a dhèanadh iad ceapairean. Chòrd e riutha a bhith a' leantainn an stiùiridh airson nan ceapairean a dhèanamh. Bha iad gu math blasta! 🥪😋
Ghabh Clas 2/3 pàirt air a’ chùrsa lùth-chleasachd a bha san talla,
abair spòrs a bh’ aca! 🤸
Bha C1 agus C2 trang ann an cleasan an t-seachdain seo!
Chuir Clas 6 crìoch air na deuchainnean Bikeability còmhla ri Mrs Tindall an-diugh! Tapadh leibh airson tadhail oirnn.
Clas 7 agus Clas 1 a' leughadh còmhla 📖 📚
Thadhail Coinneach oirnn an-diugh is dh'ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith sàbhailte anns an uisge. Tha sinn an dòchas gun robh turas shàbhailte aige dhachaigh a Scalpaigh.
An t-Sultain | September 2022
Clas 7 is Clas 2 a' leughadh còmhla ❤️
Thadhail Sue Dalton a thogail na miotagan, adan agus sgarfaichean a dh’fhigh sibh uile. Bha i air a dòigh glan. Thuirt i – “A big thank you to the school community for all the wonderfully knitted items. I am so impressed with the brilliant engagement you nurture there. What an absolutely wonderful school.” 😍
Abair feasgar spòrsail is sinn ri seinn, ceòl is dannsa còmhla ri Kakatsitsi, drumairean à Ghana.
An Lùnastal | August 2022
Cruinneachadh Sgoile 23.08.22
Cho math a bhith air ais còmhla is a' bruidhinn is a' seinn. Thòisich sinn ri bruidhinn mu luachan na sgoile. Bhruidhinn sinn mu chànan agus air mar a tha ar cànan fhathast beò a dh'aindheoin gach oidhirp a chaidh a dhèanamh a' cur sìos. Tha sinn pròiseil às ar cànan ann am BSGP! Chuir sinn fàilte air clas a h-aon. Chuala sinn mun obair a rinn clas 3/4 air sàbhailteachd.
Dh'èist sinn ri sgeulachdan mu robotan - dè ur beachd air na robotan a chruthaich sinn fhèin le sgudal?
Tha Clas 2/3 air a bhith gu math trang ag ionnsachadh tro chluich.
Dh’obraich iad le diofar cumaidhean, 2T agus 3T, gus toglaichean 🏠 a dhèanamh, robatan 🤖 a thogail agus pàtrain a chruthachadh. Chleachd iad prosbaigean gus sealladh nas mionaidich fhaighinn air biastagan beaga (gu fòrtanach, cha robh comas aig na biastagan 🐜🦗 seo a gluasad!😬)
💰 Iomairt C7 na Nollaige 💰
Cò shaoileadh gun còrdadh iarnaigeadh riutha cho mòr?
Tha clas 1 air a bhith trang. Tha sinn air a bhith a’ seòrsachadh rudan a thaobh dath agus cuideachd ag obair le greimichean gus am fàs ar corragan làidir.
Leugh sinn stòiridh ‘Am Burras Acrach’ agus dh’fheuch sinn na measan a bha anns an stòiridh. Thagh sinn am meas a b’ fhearr leinn agus dh’fheuch sinn ris an abairt ‘Is toil leam’ a chleachdadh. Rinn sinn deagh oidhirp air!
Leugh Clas 2 an stòiridh 'Na Trì Gobhair Greannach' an t-seachdain seo.
Rinn sinn pupaidean agus chuir sinn dath air an troich - Abair gun robh iad eagallach! Thog sinn drochaidean le diofair stuthan agus rinn sinn rafts airson nan trì gobhair. Dh'obraich sinn còmhla ann am buidhnean. Abair gun robh spòrs againn a’ dèanamh nan rafts agus am feuchainn san uisge.
Bha na drochaidean againn cho làidir ri drochaid an Eilean Sgitheanaich! 😄
Rinn clas a h-aon cho math a' chiad seachdain san sgoil! Bha sinn a' sadail is a' glacadh ann an cleasan. ⚽🏀