Am Màrt | March 2026
Latha Mòr nan Leabhraichean 📖
An Gearran | February 2026
Tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu na peataichean agus na beathaichean as fheàrr leinn. Chaidh sinn air cuairt sìos gu Harbro airson faicinn na diofar sheòrsaichean bìdh a bhios beathaichean ag ithe, cheannaich sinn sìol airson nan eun.
Am Faoilleach | January 2026
.
Tha sinn air tòiseachadh a’ coimhead air diofar sheòrsa thogalaichean. Tha a' chlann air a bhith trang a' togail tòrr rudan eadar-dhealaichte anns an construction area. Leugh sinn "Na Trì Mucan Beaga" agus chòrd e ris a’ chloinn a bhith a’ togail agus a’ dèanamh na sgeulachdan aca fhèin leis na caractaran bhon sgeulachd.
An Dùbhlachd | December 2025
Tha sinn air a bhith trang a’ mhìos seo a’ seinn agus ag ullachadh airson cuirm-chiùil na Nollaige còmhla ri clas 1-7.
An t-Samhain | November 2025
Thòisich sinn a' bruidhinn mu dheidhinn daoine a chuidicheas sinn, mar eisimpleir dotairean, poilis agus luchd-teasairginn.
Chaidh an Sgoil-Àraich air chuairt a choimhead air na maoir-chladaich.
Bha torr ionnsachaidh agus spòrs againn, dh'ionnsaich sinn mu na bhios iad a' dèanamh gus daoine a chumail sàbhailte air na costaichean againn.
Thàinig an ambaileans a chèilidh oirnn, sheall iad dhuinn dè tha iad a’ dèanamh gus daoine ann an fheum a chuideachadh.Thàinig Dr. James gar faicinn cuideachd, sheall e dhuinn na h-innealan na bhaga agus mar a bhios e ga cleachdadh.
Tha sinn air tòrr ag ionnsachadh tron chuspair seo agus tha sinn cho taingeil gu a h-uile duine a thug an ùine airson tighinn gar faicinn san sgoil-àraich agus innse dhuinn mun obair chudromach a tha iad a’ dèanamh.
An Dàmhair | October 2025
Faireachdainnean ann an sgoil-àraich
Leugh sinn "The Colour Monster" leabhar snog a chuidicheas na clann gus na faireachdainnean aca a thuigsinn. Chuir sinn air dòigh gnìomhachd airson a' leigeil leis a’ chloinn a' sealltainn mar a tha iad a’ faireachdainn a cleachadh diofar dathan aig an tuff tray agus rinn sinn uilebheist mhòr againn fhèin.
Bha na chlann cuideachd trang a’ sgrìobhadh litrichean agus a’ deanamh dealbhan airson an cur sa phost gu na caraidean aca.
Bha sinn toilichte fàilte a chur air cuid de phàrantan an t-seachdain seo airson ar madainn fhosgailte gus a' faicinn dè a tha a’ chlann air a bhith trang leis.
An t-Sultain | September 2025
Am mios seo, fhad 's a bha a' ghrian a' deàrrsadh, bha na cloinn trang a' cluich a-muigh, a' togail thaighean airson na dìneasaran agus a' dèanamh potions is còcaireachd sa chidsin.
Chaidh sinn air chuairt timcheall an sgoil agus chunnaic sinn Clas 1 suas an staidhre. Chleachd sinn na blocaichean fiodha airson modail dhan sgoil a thogail.
Aig àm chearcaill, bhruidhinn sinn mu dheidhinn nan faireachdainnean againn agus sheinn sinn diofar orain mar "Ma tha thu toilichte an-diugh."
Bha sinn a' smaoineachadh air diofar rudan snog a dh'fhaodadh sinn dèanamh airson ar caraidean. Rinn cuid de na cloinn breisleadan airson na caraidean aca.
Abair mios trang!
An Lùnasdal | August 2025
A' chiad mhios ann an sgoil araich -
Thill sinn air ais gu sgoil-àraich às dèidh làithean-saora an t-Samhraidh.
Bhruidhinn sinn air ciamar a tha sinn a’ faireachdainn mu dheidhinn a’ tighinn gu sgoil araich agus dè a' tha sinn a’ smaoineachadh a tha a’ dèanamh deagh charaidean.
Thàinig a’ ghrian a-mach agus chuir sinn uile tòrr ùine seachad a’ cluich a-muigh.
Tha sinn cho toilichte a bhith a’ faighinn a h-uile duine air ais san sgoil-àraich agus fàilte a chuir air a’ chloinn ùr.