Naidheachdan Sgoil-àraich | News from Nursery 

Seall na dh'ionnsaich sinn 's a rinn sinn am-bliadhna!

An t-Ògmhios | June 2024

Spòrs an-diugh! ⚽ Gur math a thèid le Alba a-nochd!

An Cèitean | May 2024

🏅 Latha Spòrs Sgoil-àraich 🏅

Tapadh leibh uile airson tighinn is pàirt a ghabhail! 

Beagan fois anns a' ghrèin ☀️

Seachdain trang eile!

🌼 Rinn sinn taois le flùraichean buidhe airson Latha Buidhe Bealltainn

🥰 Choinnich sinn ri caraidean ùra

😊 Chluich sinn còmhla

🫧 Spòrs le builgeanan

🌳 Cothrom aig Seòmar 2 airson a dhol air chuairt.

An Giblean | April 2024

Seachdain trang san sgoil-àraich...

🌳 Chaidh Seòmar 1 airson cuairt sa choille a choimhead airson biastagan, ach bha iad glè mhath air falach! Bha ‘pic nic’ againn, stòiridh agus tòrr spòrs co-dhiù!

🎨 Pheant sinn dealan-dè co-chothromach

😊 Bha spòrs againn a’ cluich a-muigh agus a-staigh còmhla

An ath-sheachdain thèid seòmar 2 air chuairt agus leanaidh sinn oirnn a’ coimhead air biastagan.

Nach sinn a tha toilichte a bhith air ais ann an SA 😄

Am Màrt | March 2024

Spòrs na seachdain! 🎨🖌️🐤

An Gearran | February 2024

Tha sinn air ar dòigh ghlan seo fhaicinn sa phàipear an t-seachdain-sa:

Chluich sinn san raon-chluiche mhòr!

🥞 Latha nam Foileagan 🥞

🐉 Bliadhna Ùr nan Sineach 🐉

An t-seachdain seo choimhead sinn air diofar lorgan-coise bheathaichean. Bhruidhinn sinn air cò na beathaichean as motha agus as lugha. 

Air Dimàirt thug sinn cuireadh do Chlas 6/7 tighinn gu cèilidh còmhla rinn. Dh'èist sinn ri ceòl traidiseanta agus rinn sinn tòrr dhannsa còmhla. Tapadh leibh clas 6/7!